(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Aon shraichte de shearmoinibh taghta"

Digitized by the Internet Archive 
in 2013 




http://archive.org/details/aonshraichtedesh1874cand 



AON SHÒNEAICHTE 

DE 

SHEAHMOINIBH TAGHTA 

AN 

OUAMH ARD-URRAMAICH R. S. CANDLISH, 

PEIOMH SAOK-OIL-THIGHE DHUN-EIDEANN. 



EADAK-THEANGAICHTE O'N BHEURLA GU GAELIC ALBANNAICH 

LE 

DILLIAM CATANACH. 



CLO'-BHUAILTE AIR SON AN EADAR-THEANGAIR LE LORIMER & GILLIES, 

'an seaid chluaidh. 
1874. 



TO THE 



VERY REVEREND PRINCIPAL CANDLISH, D.D. 
* 

SlR, 

I have very great pleasure, by your own kind 
permission, in dedicating to you — the leader, par excellence, 
in my opinion, of the religious public of our country — a 
translation by me, from English into Gaelic, of a Discourse 
of yours, which, to my great instruction and gratification, 
I happened to have heard preached by you in Edinburgh, 
not once only, but a second time, previous to its publication, 
as the opening Discourse in your well-known work, entitled 
" Scripture Characters/' 

The motive which has actuated me in attempting the per- 
formance of this slight labour of love on behalf of a cause in 
which you have spent your lifetime, will, I hope, irrespective 
of the intrinsic merits of this emanation of your fine and 
powerful genius, recommend it to the attention of many of 
our countrymen on account of the Christian, Scottish," and 
Highland object which I have had in view. 

I am, 

Very Reveeend Sir, 
Your obliged and most obedient humble Servant, 

WILLIAM CATTANACH. 

Edinburgh, June, 1867. 



PKEFATOKY NOTE TO SECOND EDITION. 



A new edition of this translation having been earnestly 
desired, the Translator willingly complies with that 
request, in the hope that the recent lamented death of 
its distinguished Author may render it peculiarly accept- 
able to our Gaelic-reading population. The original 
design of the publication was to assist in the erection 
of a church in the Highlands, and it met with the 
cordial sympathy of Dr. Candlish, who was always 
ready to lend his valued aid in behalf of his Gaelic 
brethren. And now that the grave has closed over 
him, and nearly " all his brethren, and all that genera- 
tion," to whom his living voice was so familiar, and by 
whom his active and energetic services were so widely 
appreciated, the text on which this eloquent sermon 
was preached assumes an interest singularly solemn, 
touching, and appropriate. In presenting this new 
edition, the Translator has only to renew his fervent 
prayer, that his Gaelic readers may experience, when 
perusing it in their mother tongue, the same satisfac- 
faction which it imparted in its first delivery to himself, 
and which it still affords to so many who have read it 
in the well-known volume of " Scripture Characters." 

W. C. 

Edinburgh, St7i January, 1874. 



DEABBH-SHÀMHUILT AIR 6ACH UILE NI— 
"AGUS EHUAIR E BAS." 



Gen. v. 5, 8, 11, 14, &c. 
" Agus fhuair Ioseph bàs, agus a bhràithrean uile, agus anginealach sin 
uile." — Ecs. i. 6. 

US an trà so, o linn Hòmeir, chaidh siubhal sios ghinea- 



lach dhaoine a choimeas ris an duilleach ameasg 
chraobh na frìthe. An duilleach a ni ; air an t-samhradh 
so, meath as, uigh air 'n uigh, 'sa sgaoileas a chiar-bhrat millte 
air uachdar na talmhuinn, ni an t-ath Earrach, le a thoir- 
bheartas, ath-ùrachadh. De na milltibh lion'ar de bhlàithibh 
àillidh agus de dhuilleagaibh uaine a bha, o chionn beagan 
mhios, a' sùgradh gu faoileasach ann an gathaibh aoibhinn 
na' greine, cha'n'eil an diugh, a h-aon a làthair; ach thig 
buidheann ùr dhiubh, làn soillse agus sòlais, a ris a chòmh- 
dach nan geug, agus a rìs bristidh bòidhche agus binneas 
feadh nan coilltean, mar do ghnà, ceart 's mar nach d'thainig 
crionadh idir air an gèuga duilleagach : Is ionann so 
agus daoine ; " siùbhlaidh ginealach as, agus thig ginealach 
eile, ach fanaidh an talamh gu bràth," (Eccl. i. 4) — ionann 
eile do'n ghineil a ta teachd — ionann do gach uile ghnè de 
throm shaothair, de thur dhìomhanas de dhòchas 's de 
mhealladh m'a seach — mar nach tugtadh riamh dhuinn fair- 
eachadh mu chaochladh — mar nach cualas riabh ceol — 
caismeachd a' Bhàis a' torman os ceann an ail a tha 'dol 
seachad. 




6 Dearbh-Shamhuilt air gach uile ni — 

Ach tha aon ni ann ris nach 'eil an sàmhlachadh ud a' 
co-sheasamb, tha dealachadh eadar sliochd an duillich agus 
sliochd a chinne-daonna. Tha astar fàsail eadar an dà 
shamhradh, astar a ta gu comharraichte 'nochdadh na slighe 
eadar an da thrà, leis " a' choille luim gheamhraidh." Ach 
cha'n eil fosadh mar so air siubhal-sios ghinealach nan 
daoine. Tha iad so, mar gu'm b'ann, a' leaghadh's a' co- 
ruith 'na cheile ; siubhlaidh seann duine agus beirear lean- 
abh ; gach latha 's gach uair tha bàs agus breth ann ; agus, 
uigh air n uigh, gun a thoirt fainear, falbhaidh luchd-saoith- 
reach agus ùbraid an t-saoghail so, agus thig buidheann ùr 
nan ionad a' shaoithreachadh mar a rinn iadsan. 'Sann a' 
so 'tha e tachairt nach eilear mar a's trice a' ceart — bhreith- 
neachadh lan — neart nam briathra so, " Tha ginealach a siu- 
bhal agus ginealach eile a' teachd ; ach fanaidh an talamh gu 
bràth." 

Deanamaid a nis a shaoilsinn gu bheil glac eadar ghinealach 
nan daoine mar bha an geamhradh eadar siubhal agus 
athfhàs nam blà. Seasamaid air innis-mheadhoin 'an 
àiteigin 7 an sruth na h-Eachdruidh, far am beil, mar gu'm 
b'ann, bealach na beàrn eadar aon sgeul innse agus sgeul 
inns'eile anns a' bheil lan-shruth na beatha 'bhuineas do'n 
cheud uirsgeul, air a dheothal a stigh, 's air a shlugadh, agus 
ann's nach do thòisich an sruth ùr fathast ri ruith. A 
shamhuil so de sheasamh tha againn 's an Eachdraidh naoimh 
eadar cuid de na fad-chèuman a ta'n Eachdraidh sin air 
tout, thairis air mòran bhliaclhnachan, eadar crioch no 
deireadh aon chuis sgeòil, gu tùs sgeul-aithris eile, ann an 
co-streup an t-saoghail ; mar a ta (mar shamhuil) eadar dol- 
siòs cloinn Israeil do'n Eiphit, ann an làithean Iòseiph, agus 
an teachd air an ais ri linn Mhaois. Ann an so tha againn 
fàslach thiamhaidh, mar gu'm b'è 's gu'n tigeadh geamhradh 
16m eadar an tràth 'san robh Iòseph agus na bha ri linn 



" Agus Fhuair e Bàs" 



7 



'gan nochdadh fein co-riochdail, — agus tràth eile, anns nach 
d' fh'an aonan de'n dream a bh'ann roimhe, beò air ùrlar na 
beatha : ach 's ann a " dheirich righ ùr air an Eiphit, do nach 
b' aithne Iòseph:" Agus shaoilte gu'n robh aig an Eachd- 
rai'che trom smuainte mu'n fhàslach so, 'nuair, ann a bhi 
co-dhunadh an uirsgeoil uile, ta e'crioclmacliadh an iomlain 
anns na briathra goirid brigheil so, — " Agus dh'eug lòseph, 
agus a bràithrean uile, agus an ginealach sin uile." 

'Se an ceud ni a bhuaileas ar n-inntinn, air lèughadh na 
rainne so, à riochdalas agus à neart, mar mhineachadh air an 
sgeul a ta e 'criochnachadh cho càs, bhriogh'or. Anns an sgeul- 
ìnnse 'chaidh seachad ro'i 'n rainn so, chunnaic sinn sealladh 
sùrdail — dealbh beò, mar gu'm b'è ; agus a nis, tha an t-iomlan 
air a thoirt gu mi — dhealbh, mar gu'm b'ann le aon sgriob. 
Beagan roimhe" so, chunnaic sinn còmhlan mòr sluaigh — 
(ionann's sinn fein 's gach dòigh) a' gluasad 's ag iipraid 
gu dian feadh a cheile mu'n gnothaichean fein, fa leth, no 
gnothaichean an teaghlaichean, no an gnothaichean uile maraon, 
ionann direach mar sinne. Bha iad uile dùrachdaeh 'nan 
gnothaichibh fa leth; agus 'nan là-san bha h-uile ni cho cùra- 
mach dhoibhsan 's a tha ar nithe fein dhuinne air an là 'n diugh. 
Smuainich iad, mhothaich iad, dh' fhuiling iad; rinn cùram 
an treachladh, togalaichean an cur fo bhuaireas, agus thug an 
oidhirpean neofhoisneach 'an aghaidh chaochladh do-chiosnail 
an Batha mar gu'm b'ann air an ùir fo'n casan beo le cruaidh 
spàirnn agus deanadas an t-saoghail — ach feuch ! mar gu'm 
buailt' orra slat-dhruighteach, no gu'n cuirte car càs ann an 
roth falaich — sid as, mar sgàile bruadair, an t-iomlan de'n 
mhor-dhomhladas sluaigh ud, shuidh sàmhchair chianail an 
lèirsgrios 'nan àite. Ionann so-'s mar gu'm biteadh 'dùr- 
bheachdachadh air a' chuan, agus càbhlach deas-uighimichte 
a' snàmh gu h-àillidh air 'fharsuingeachd filial, ag aomadh fo'n 
t-soii-bheas, agus a' smachdachadh nan tonn bochdach le caith- 



8 Dearbh-Shamhuiit air gach uile ni — 



ream — agus gu'n seallta a, rìs agus nach faicte dad ach an 
cian-chuan sàile, gu ciùin 'na shìneadh, gu dubh duaichnidh, os 
ceann an luingeis,fada fodha,a thur sgrios an stoirm ghabhaidh 
a bha ann a chianamh. An tìr uile 'bha àitichte leis na daoinibh 
a ta fo'r n-ùigh-bhròin, — an Eiphit le à togalaichean binneach, 
agus a luchairtean riòmhach, — Gòisen le à dhachaidhean 
ciùin cìobarail — fonn torrach Chanàin — fasaichean bothanach 
Ismàeil— dh'fhalbh iad uile as ar sealladh, ann am plathadh; 
agus, 'nàn àite, tha againn ionad uaighean, aon chaithir 
mhor, shàmhach, bhàis, — " Tha Iòseph marbh, agus a 
bhràithrean uile, agus an ginealach sin uile." 

Nach ann an so a ta'n clar-ìnnse bàis ! an sgeulaithris air 
bàsmhorachd ! Ge goìrid e, gidheadh, cia mion àraidh e-a' 
tòiseachadh le fios mu aon neach, agus an sin ag at 's a' lèu- 
dachadh gus a' bheil e' glacadh 'sa'sguabadh leis an iomlain 
gu tur-bhuileach ! 'Sa' cheud dol amach tha iomradh air aon 
ainm "dheug Ioseiph" — mar gu'm bu inhiann gach aon iom- 
radh fa leth — ach tha'n àireamih a' fàs 's a' liònmhorachadh ro 
chàs, — tha à bhràithrean mar an ceudna marbh. Dh'fhaoidte 
cuid diubh sin, fòs, ainmeachadh, — Keuben, Simeon, Leibhi, 
igus Iùdah, — Isachar, Sebulun, agus Beniamin — Dan agus 
Naphtali — Gad agus Aiser. Ach tha'n teaghlach, cheana, air 
mèurachadh gu lionmhorachd nach eil e furasd a mheas, 
agus mu thiomchioll an Eachdraiche tha cruinn domhladas 
sluaigh, nach comas do chunntas gu deas àireamh, no do 
pheann sgriobhadair clis fuireach ri'n cur sios, 's tha'n leabh- 
ar cuimhne cho beag's nach teachd iad ann ; uime sin, 
feumar an càradh uile fo aon fhios goirid, gun iomradh orra 
fa lèth, fios, a dh'aindeoin sin ni's ro dhmitiche briathra — 
" Dh'eug Iòseph, agus à bhràithrean uile, agus an ginealach 
sin uile." 

" Agus an ginealach sin uile." Cia lion mile tha na briath- 
ra so a' filleadh annta ? Agus cia lion mile air am bheil na 



" Agus Fhuair e Bàs." 



9 



facail so amhàin 'nam marbh-rann 's 'nan cuimhneachan ? 
Nach culaidh — clilisgidh an gearr bhriathrachas uamhasach 
so, an teannachadh 's an giorrachadh so — ainmean agus each- 
draidhean nam muillionna air an cur sios anns an aon f hios 
ghoirid so-gu'n d' fhuair iad uile bàs ! Agus bu daoine iad 
sud a bha, 'nan àm goirid fein, cho sùrdail dian 'sa ta sinne 
n diugh, — ion cho làn ruinne de innleachdaibh, de shealltuinn 
rompa, — ion cho cùramach mu'n gnothaichean fein agus na 
h-ùine 's am bu bheò iad 's a ta sinne air an uair so. Dh' 
fhaodadh gach aon diubh leabhar a lionadh le fios mu 
ghniomhara agus ionnsaidhean a bha cho mòr 'nam beachd 
fein fa leth, 's nach bu chòir gun deanta gu brath di-ch- 
uimhn orra,gidheadh, 'se uile na ta'm fios naomh so toirt umpa, 
agus cha'n ann air leth, — ach 'nan aon mheall gun aireamh 
gun chomharradh — " gun d' fhuair iad uile bàs." Neo, ma 
roghnaicheadh fear àraidh sam bith de'n iomlan, — a chum 
aire chomharraichte — ma tha ann, tre stiuradh an Fhreasdail, 
agus air sgàth 'f heothais fein, fear a choisinn 's an eachdraidh 
so, cliu a bhios mairienn — agus ma chruinnich e m'a thim- 
chioll cròithlean beag a ta 'nan seasamh gu doilleir amhar- 
usach ann an dealradh a shoillse-san, agus nach do chailleadh 
anns a' chumasg choitcheann gidheadh, am fear a's barraichte 
dhmbh, agus iadsan a ta, ann an cuid a co-roinn a shaorsa- 
san o dhi-chuimhn, cha'n eil iad air an gabhail fath leth ach 
chum gu'm b' fhearr a chite gu bheil aca an earrann fein 
anns a' chilis a dh'eireas maraon do gach uile neach ; agus 
foghnaidh do gach aon fa leth, agus do'n iomlan fòs, an t-aon 
gheàrr — bhriathrachas mu dheiradh thall — " Agus dh'eug 
Ioseph, agus a bhraithrean uile agus an ginealach sin uile." 

Air chinnt shaoilteadh, gu'm b'e run an Tighearna, — leis 
a' bhàs-chlar fharsaing so mu ghinealach iomlan, — a dheilbh 
a spiorad fein, comharra fochaide (margu'm b'e) agus neonidh- 
eachd a bhualadh air gach uile mhòrchuis agus air gach uile 

B 



10 Dearbh-Shamhuilt air gach uile ni — 

àrd eaclardhealachadh inbhe 's an t-saoghal so ; thaobh gu 
bheil iad sin uile 'gan call ann an slugan a' Bhàis, a ta treò- 
rachadh gu aon eadardhealachadh na Siomiidheachd. 

I. Beachdaicheamaid a nis air an innse-sgeòil so mar tha i 
'tighinn air aon neach — "Dh'èug Joseph," — Tilleadhmaid air 
ar n-ais leis an fhios so troimh sgeul uile chaochlaidhean 
lionmhor a bheatha iomadaiclh-s^eul a ta tais^te 'n ar cridhe 
le mòr-speis agus tlachd, o'n clrùghadh a rinn i oirnn 'an àm 
maothalais na h-òige. Nach eil am fios so a' deanamh an 
sgeòil,anns gach caochladh ; ni's caoine s ni's tiamhaidhe leinn? 
Chi sinn Ioseph 'na leanaban, — 'na ghiùlan — 'na òganach aig 
a bhaile — 'na bheadaran aig athair 's e 'na bhantraich, — mar 
cheud èarlais a' ghràidh sin a ta nise air a naomhachadh 's 
a' Bhàs. Ta sinn 'g a leantunn le mor cho-fhulang troi 
chluipean beaga agus ribeachan teaghlaich nach robh aon- 
sgeulach, do'n d' rinneadh e gu furasda 'na chobhartach, a 
thaobh 'aon f hillteachd gun ghò, gun amharus, agus an uair 
a smuainicheas sinn uime eadhon aig an àm sin, a' faotuinn 
urraim, 'na ghiulanachd, a bhi faighinn foiliseachaidh o'n 
Airde, agus, air a cheart fhàth sin, a' fulang geur-leantuinn 
agus fuath na muinntir do 'm bu chòir gu nàdurra a chaid- 
readh agus à theasraiginn ; 'nuair lèughas sinn à thoil neo- 
a^ail an coinneachadh leth na slio;he 'nan innleachdan 'na 
aghaidh, — agus cia du-ghamlasach 's a bha 'n cùid innleachd — 
a'mhealltaireachd mhi-chneasta a rinn iad air a sheann athair, 
agus cia caol 's a fhuair e fein teasraiginn, le còmhnadh an 
Fhreasdail, nach 'eil an smuain so 'gar bualadh gu tiomhadh 
nach d' rinneadh so gu leir, ach a ruigsinn a cho-dhunaidh 
ghoirid so, " Dheug Ioseph." Leanaidh sinn do'n Eiphit e. 
Theid sinn leis do thigh Photaphair agus tha gàirdeachas òrinn 
air son àrdachaidh 'an sin. Tha againn co-phairt 'nà thàir 
agus 'na mhasladh. Tha Ioseph 's a' phriosan dhuinn mar 
sheann charaid eòlach. Tha gràdh ar cridhe aguinn air, air son 



" Agus Fhuair e Bàs." 



11 



àn neochiontais, onarach gun smal agus f hirinne gun mlieang 
d' a mhaighstir a cliaidh a mhealladh, a dliillseaclid sheas- 
mhack d' à Dhia — agus tha corruich lasanta oirnn air son gacli 
encoir a ta e' fulang. Na bruadair a rinn e mhineachadh, do'n 
àrd-fhuineadair, coire an àrd bhuidealair, gacli car, air fad, 
a rinn àrdachadh gu mor-mheas an Kigh — an inbhe gus an 
dèirich e ann an cùirt Phàro, à chumhachd thar na h-Eiphit, a 
sheòltachd ann an solar a dheanamh air chionn bhliàdhnachan 
na h-airce, — a bhuntainn r' a athair agus ri teaghlach 'athar- 
gach cuis dhiubh sin 'nà eachdraidh (eachdraidh a ghabh greim 
air ar cridhe 'an tùs ar n-òige, agus as f haide, 'chumas greim 
air nar n-aois) tha na cuisean sin uile a' cur air siublial 
talmhaidh Ioseiph gràdhalachd agus àille 'nar beaclid toigh- 
each-ne, ionann, seadh fada' bharrachd air na thachair oirnn 
riamh aims na chruthaich na dheilbh Fionnsgeulas. 

Cha taitneach, maith a dh' f haoidte, dubhar gulmach a' Bbàis 
a sgaoileadh thar an dealbh bheathail so ; gidheadh than sgàile 
sin (mar chamhanaich sheimh f heasgair thar tir ghniomhaich), 
'ga sgaoileadh fein thar an dealbh, mar ghnè de chaoin eadar- 
sholus ciatach; agus tha e, co dhiubh, a' teagasg leasain fhallain 
dhuinne — 'se sin, sinn a chuimhneachadh, cia bith co àrd 's a 
bha inbhe Ioseiph 'n à' là fein 5 iomraiteach 's ga bheil à chliù 
feadh gacli lìnne, mòr agus buan gan robh toradh a ghniomha 'n 
deigh dha siubhal, cha b' aim a mhàin a thaobh Israeil, ach a 
thaobh na h-Eiphit agus an t-saoghail, uile, — b' f heudar dhàsan 
fadheòidh, dol "air slighe gach uile fheòla." A dheucliainneaii 
iomadach antrom — à bhuaidhean le'n uile urramachd, bha iad 
uile maraon gearr, agus diombuan ; agus thainig crioch air a 
shiubhal dian mar is f heudar teachd air beatha an neach 'as 
diblidh bhos, oir " Dh'eug Ioseph." 

Leughaibh a-ris eachdraidh Ioseiph, agus cumaibh daonnan 
for n-aire an ceann-sanais so, "Agus dh'eug Ioseph" — Ath- 
ghinibh gu sùil-bheachd ur n-inntinne gach car fa leth 



12 Dearbh-Shamhuili air gach uile ni — 

a thainig air ri 'bheò, agus an geur amharc dhiubh air duine 
air an d' thainig a lion de chaochlaidhean, cluimiibh guth 
bròn — f huaimeach gun tamh gun sgur a' seirm 'nur cluasaibh, 
" Agus dh eug Ioseph." Agus feuchaibh cia an cliongadh a 
bheir a chaismeacbd bhrònach ud air a bhreth a bheir sibb 
m'an chuis, agus air ur mothachadh fèin 's an am. Seallaibh 
air gach caochladh fa leth 's a' bheath' ud, cuiribh e gu 
taobh, — tearbaibh e o na h-uile car eile, thugaibh e ann an 
dlù-thaice ris an innse a ta co-dhunadh an iomlain, agus 
faicibh cia mar 'sheallas e ann an solus no ann an sgàile 
ciar-ruiteach na h-uaighe. Tha lòseph aig an tigh, na phaiste 
beadarach aig 'athair. A ! a sheannair urramaich, na bi 
mo' a's beadarrach rau d' ghiulan àluinn, umhail. Cuimhnich 
cia tràth 'a a dh' f haodar a ràclh uime, agus cia cinnteach is 
fhèudar a ràdh, " Dh'eug Ioseph " — Ghailleadh Ioseph, agus 
bha athair fo dhu-bròn. Bha e smuainteach air coslas an 
deagh rath a bhiodh air a mhac, na'n rachadh a chaonadh 
car tamuill. Ach na bi fo sprochd a sheann athair leith. 
Ciod è ged dh' fhalbh do leanabh mu'n do choisinn e duai- 
sean faoine na beatha so ? A ! smuainich ged dh' f hàgt' e 
gus am buanaicheadh e iad gu leir, gum b'i an t-aon chrioch 
bu deireadh dha, agus gum feumta ràdh m'a thimchioll, 
" Dh'eug Ioseph." Tha Ioseph ann an anshocair, — air a 
bhrath — fo ghèur-leantuinn, air a lèireadh agus air a chràdh 
ann am maothalas a chridhe 'n à choigreach, am measg choig- 
reach 'na phriosanach, 'na thràìll. Ach na biodh mi-shuaimh- 
neas thar tomhais air, air-son call a shoirbheis. Cha bhi ann da 
ach an t-aon ni'nuairtheid beagan bhliadhnachan seachad,agus 
a thig a'chriòch. Seallan beag agus theirear uime — " Dh'eug 
Ioseph." Chaidhloseph àrdachadh — tha e àrd annan saibhreas, 
an urram 's an cumhachd. Chaidh aiseag d' a athair — rinn e 
rèite r' a bhràithribh. Ach c' uime dheanadh à ghlòir agus 
à shòlas uile 'ìnntinn a thogail ? Is neoni sin dha-san gu 



Agus Fhuair e Bas" 



13 



goiricl — 'nuair a theid a ràclh uime, " Dh'eug Ioseph/' A ! 
cha '11 eil buaidh a measg bhuadh lionmhor Ioseiph uile, 
ach a h-aon a mhàin, 'n a rath no 'n a ghiulan, nach searg 's 
nacli crup an ieth ris a'gharg-fhiosrachadh so. 'Aon fhillteachd 
na h-earbs' a bli'aig ann an Dia, a dhian-sheasamh ris an 
fhirinn agus ri naomhachd, deadh-ghean Neimh, à sheirc à 
cridhe glan, à dheagh chogais, agus a chreideamh gun ghò- 
seasaidh iad sin an aghaidh caisleacliadh so à' bhàìs. Agus 
'si an aon smuain shòlasach air am mìann leinn gu h-àriadh 
màirneal 'nuair a leughas sinn an sgeula so, gur h-e an t- 
loseph so a ta nise marbh, an t-Ioseph ceudna a labhair gu 
mòrail na briathra — " Cia mar ni mise an aingeachd mhòr 
so, agus peacachadh an agliaidh Dhia " — an t-Ioseph ceudna 
mun do leugh sinn 'nuair bha e'm priosan gu'n robh an 
Tighearna maille ris, agus gu'n do nochd e tròcair dha, — an 
t-Ioseph ceudna a chunnaic sinn ann am fianuis Pharaoh a' 
diultadh urraim sam bith dha fèin ach a' toirt na glòire do Dhia 
a mhàin — " Cha'n eil e annamsa — Bheir Dia do Pharaoh freag- 
radh sithe ;" an t-Ioseph cèadna a labhair cho caomhail r' a 
athair 's r' a bhràithribh a' tlusachadh leapa-bàis athar le 
'ghealltainn da, (mar b'e a mhiann e), gu'n cuirte 'na laidhe e 
mar ri shinnsre ann an tir a' gheallaidh — " ni mi mar a 
thubhairt thu" — agus gu caoin-chiatach a' toirt faochaidh 
do choguiseanbruaidhleanach a bhràithrean — "Na biodh eagal 
oirbh ; rùnaich sibhse olc mu'm thaobh-sa, ach runaich Dia 
e chum matha ; bèathaichidh mise sibh fein agus ur mui- 
richean," — agus fadheòidh, an t-Ioseph ceudna sin a fhuair- 
eadh treun 'an creideamh an tra thainig 'uair dheireannach 
fèin air, a' dòchas 'an agaidh' dòchais, ag iomradh air dol 
suas Cloinne Israeil, agus a'-toirt àithne mu thiomchioll a 
chnàmh fèin, ag radb, "Gu cinnteach amhaircidh Dia oirbh, 
agus giulainidh sibh leibh mo chnàmha-sa suas à so." 

Seadh, is ni-eigin e' fhoglum gur h-e lethid so do dhuine 



14 Dearbh-Sham/iuilt air gach uile ni — 

'th 'ami ; duine le n eagal oilbheum a thoirt do Dhia, a ta 'g 
earbs as a thròcair, 'gà ghlòrachadh am fianuis rìghrean ; 
cluine, fòs, cho dleasdanach d' a athair fein, cho fialaidh s cho 
mathasach r' a bhràithribh ; — duine, fadhèoidh, a bha, gus 
a' chrioch, diongmhalt 's a' chreideamh, agus aig an robh 
dòchas aoibhneach ri oighreachd Dhia ; — is ni-egin e' f hogh- 
lum gur e lethid sin de neach, gur e Iòseph a' f huair bàs. 
Tha furtachd anns an sgeul — -" Dh'eug Ioseph." " Theid an 
t-ionracan a thoirt air falbh roimh an olc a ta ri teach d" "Is 
beannaichte na mairbh a bhàsaieheas anns an Tighearna ! " 
Mar sin " bhàsaich Ioseph." 

II. " Agus a bràithrean uile." Dh'eug iadsan uile mar an 
cèudna, agus chriochnaich gach car de'n eachclraidh anns an 
uaigh. Ann an eachdraidh an teaghlaich ud, chithear snuagh 
maothalais aig am, agus aogas trioblaid aig àm eile, tiamh- 
achd 's taomachd ma seach mar chithear ann an eachd- 
raidhean theaghlach eile rompa ? s 'nan deigh, — ach tha 
'm barrachd aig eachdraidh Israeil tharta gu leir ; agus nach 
'eil gach car a th'anns an sgèul a' dùsgadh smuaintean 
cudthromach tiamhaidh an uair mu dheireadh a tha fair- 
eachadh brònach a Bhàis 'ga thoirt seachad ? Na daoine 'bu 
chuspairean air an sgèul so, muinntir an aon teaghlaich so, 
air chinnt smuainicheadh iad agus dheanadh iad gu buileach 
mar nach d'rinn iad, na'n robh iad do gnà ag'ath-bhreith- 
neachadh cia trà 's a thigeadh an t-àm 's a chriochnaichte 
an solas 's àm bròn, àm farmad agus an lasan, am farpuis agus 
am falachd,an trod agus an rèite am peacadh 's am fulang, nan 
do mheas iad gu'm b'e so sgeul aithgearr faoin na cùis' uile, 
"agus dh'eug Ioseph agus a bhràithrean uile," 0! nach b'i 'n 
smuain so do'm bu choir an dluthadh ri cheilegu h-aonsgeulach 
ann an gniomh, ann an gradh r 's ann an co-dheanadas. Is gann 
gur treise an ceangal 'tha eadar muinntir an aon chinnich na a 
ta eadar muinntir fo'n aon bhinn. Bu chionnfàth mòr ghràidh 



" Agus Fhuair e Bàs" 



15 



e d'a cheile gu'n d'rugadh iad uile an tigh an aon athar, agus, 
gu mòr fada seach so, 'nuair smaoinichte nach b' f hada gus 
am faodta' radh agus, dh' fhèumta ràdh mu'n cleibhin, gu'n 
deach aidh iad uile do'n aon ionad-taimh amis an uaigh.> 

Is cianail a bhi 'faicinn uaighean teaghlaich 'gàn cladhach 
'an deigh a cheile ; gach bristeadh a thig 's a chrònaig bhig 
'nuair gliairmear air falbh iad, aon air aon ; is cùis mhòr 
smuaine sin do'n dream a dh'f hàgar beò dhibh ; dùisgidh 
so beachd ùr 'nur n-inntinn mu'n choluadar bu gnàth a bhi 
eadaraibh roimhe. An uair a shiubhlas neach à teaghlach, och ! 
nach toir sin orrasan a mhaireas beò amharc ann an solus ùr air 
na chaidh seachad, agus smuaineachadh, — agus och ; cia minic 
ann an seirbhe anama, — ciod an giùlan a bh'aca 'thaobh a 
cheile agus ciod uime no ciod a' chrioch mu'n robh iad cho 
fad' a' fuireach còmhladh ? An caraid, no am bràthair gaoil a 
dh'fhalbh uaibh thog a bhàs annaibh ùr-luach agus barrachd 
meas, còir air ùr-ghràdh caomh a bhi agaibh air. 'S ann a 
nis air thus a mhothaich.sibh cia gràdhach bu chòir dha bhi, 
agus fòs a bha e, do'r cridhe, — ni's gràdhaiche na shaoil sibh 
riamh roimhe. Cia toigheach 's a chnuasaicheas sibh air gach 
deagh bhuaidh agus ciatfhachd a bha fuaighte ris. Cia mar 
chi sibh a choireanan agus à chuid anfhainnean a' siubhal 
air falbh gu doilleir sgàileach ! Agus, och ! nach cràiteach 
geur an treaghaid a tlii«* air ur n-aigne nuair a ni ur n-anam 
meòrachadh air mi-chaoineas sam bith a nochd sibh dha 
no dearmad sam bith a rinn sibh air ! Cia neoineach a-nis 
a chi sibh gach cion-fàth cònnsachaidh a bh' eadaraibh, 's 
gach uile lethsgeul a bh' agaibh air son à bhi caoin-shuarach ! 
Sgaoil am bàs orra gu leir dreach tur fhaoineis agus dii- 
neònidheachd ; agus is searbh do-fhulang a nise an smuain 
gu'n do chaill sinn, air sgàth nam faoineas suarach ud, mar 
a ta a h-uile ni saoghalta a thogas fionnaireachd agus teagamh 
ameasg bhràithre, gu'n do chaill no gu'n do, chaith sibh an 



16 Dearhh-Shamhuilt air gach uile ni — 

ùine sin bu chòir a caitheamh ann an càirdeas agus ann an 
co-chomunn caidreach, an nine luachmhor sin nach robh ri 
raarsuinn acli goirid. Cia togarrach a bheireadh sibh ur 
maoin uile, na'm b'urrainn sibh an t-aon a dh eug a ghairm 
air ais ach car aon latha, no uaire los gum faigheadh ur 
cridhe trora aotramachadh, agus gu'n deanadh sibh a ris 
gràdh agus mathanas a mhalairt r a cheile ! Nach blath a 
choinneamh a bhiodh a nis agaibh, còmhdhail làn earbsa agus 
cion, dhàsan air an d' rinn sibh an de, theagamh, sealltuinn 
thairis, no do'n d'thug sibh oilbheum. B' f hearr gu'n robh 'fhios 
agaibh, 'na thra, cia luath 's cia cas a dh' iarradh am Bàs e 
mar iobairt. Och ! dheanadh sibh an sin fe'um na b'fbearr 
d'an nine 'bha e maille ribh ! Cha robh sibh air leigsinn 
seachad a liuthad cothrom air 'eòlas ùrachaclh agus a chàirdeas 
a mhealtuinn. Cha robh sibh air leigsinn seachad, o là gu là, 
ur run caomhalais dha, Cha robh sibh cho deas agus cho 
trie 'nur coigrich air. Cha bhiodh e fo theagamh agaibh, fo 
fharmad, 's cha'n fheargnaicheadh 's cha leònadh sibh e mar 
a rinn sibh. Cha robh sibh cho buan a leant uinn ur 
tograidhean feineil, no 'g iarraidh ur leas fein adhartachadh 
no 'toirt an àilleis do bhur anamianna fein. Agus a bhàrr 
air so uile cha deanadh tu, 'nad bhuntainn ris, t-inntinn a 
chleachdadh cho buileach mu nithe an t-saoghail so, agus 
dearmad cha mòr air nithe na siorruidheachd. ! cha 
tachradh sibh 's cha dealaicheadh cho minic gun aon sinid 
no aon smuain eadaraibh mu chùisean na diadhaidheachd. 
Labhradh sibh na bu dilse ; dheanadh sibh còmhradh 's 
comunn mu na nithibh a bhuineadh do'r sith. Ghuileadh sibh 
maraon thar a pheacaidh, agus maraon mholadh sibh gràdh 
an t-Slànuighir, 's dheanadh sibh ùrnuigh co'lath agus 
dh' aonadh sibh ri cheile ann an oibribh creidimh agus 'an 
saothairibh gràidh. Bhiodh ur n-eòlas air a cheile mar so 
gu buileach air a cho-amhladh, agus bhiodh Dia na bu ro- 



" Agus Fhuair e Bàs." 



17 



bhuiliche air aideach agus rachadh "facal 'na àni" a labhairt 
agus theagamh gu'm fàgta ni-eigin gun ràdh a bhiodh 
cunnartach do anam peacaich a' bàs, ma 's e 's 'nuair mu 
dheireadk a chunnaic thu do bhràithair 's a bha thu 'còmhradh 
nan robh agad am beachd' bu lugha gu'n robh e cho cas ri 
siubhal d'à dhachaidh bhuain. 

Agus am beil am beachd so a tha againn 's a bhinn-bhàis 
so a' call à neirt an uair nach gairmear air falbh muinntir 
teaglilaich cha 'n ami a lion aon 's aon, ach a gliairmear iad uile 
còmhla le aon fhios sguabanta a sgàilean an t-saoghail so, gu 
rireamh a's uamhasack an t-saòghail shioruidh ? Nach guth 
eagallach so do theaghlaichibh, am fios beag goirid cudthrom- 
ach so " Dheug Ioseph agus à bhràithrean uile." Le'n uile 
ghràdh agus fhuath, an eagal 's an dòchas an co-tliàladh 
teaghlachail (de'n ghnè bha annta) am peacanna teaghlaich — 
dh' fhalbh iad air fad on talamh so, agus an t-àite clo'm b' 
aithn' iad uair-èigin cha n eòl dha iad tuillidh ni 's mò. Agus 
c'iona chaidh iad ? Agus ciod e am beachd a nis, agus am 
mothachadh air na cùisibh mu'n robh iad eòlach deanadach 
a bhos an so ? Am beil iad co-aonaichte ann an tir nam 
beannachd gu h-àrd ? An d'rinneadh a ris comunn diubh 
aim an nèamh ni 's sona 's ni 's seasmhaiche na bha an teagh- 
lach air thalamh. 'Bheil Ioseph agus a bhràithrean Beniamin 
gràdhach, seann Iàcob, am bheil iad uile cruinn an solas, gun 
sgaradh tuillidh gu brath ? No am beil dealachadh eagalach 
ann, agus am bheil cuid d'an àireamh taobh tliall an t-sluic 
mhòir — 'an diomhanas a' gearan an àma aims nach tilgeadh 
iad an crannchur maille riùsan a bha dileas do Dhia " an 
athar V Cha n fhaod sinn am brat-sgàile a thogail, agus cha'n 
fhaod sinn a mheasrachadh 'nar n-inntinn ciod è rùnaireachd 
fhalaich an t-taoghail neo-fhaicsinnich. Is leòr e gu bheil 
iad uile niarbh agus gu'n do dhealaich iad ris gach uile ni mun 
robh iad iomaguineach, agus gu'n d' fhoghlum iad uile a nis- 
gu bheil " aon ni fe'umail." 



18 Dearbh-Shamhuilt air gadi uile ni — 

Gu'n deònaicheadh Dia gu'm bu leòr dhuinne an leasan so 
fhoghlum a nis', mum bi e tuillidh 's anmoch; mu'n cuirear 
an cèill umainne agus mu na teaghlaich 's a bheil sinn a 
còmhnaidh, gur h-e deireadh goirid an sgeoil gu'n d' eug 
sinne agus ar bràithrean uile. ! gu'n cuireadh Dia fèin 
iompaidh oirnn, gu'n cleachdamaid seirc'n ar dachaidhnean 'an 
duil ri spiorad agus ri dòchas neimh, chum's gu'm faodar a 
ràdh umainne 's mu r bràithribh ami am briathraibh arda 
naòmha Dhaibhi' 'na bhròn thar Shauil agus Ionatain. "Bha 
iad gràdhach taitneacli 'nam beatha, agus 'nam bàs cha deach 
an dealachadh. Mar sin dh'èug Ioseph, agus a bhràithrean 
uile." 

III. " Agus an ginealach sin uile." Tha sruth na bàsmhor- 
achd a nis a' ruith ann an amar ni 's farsuinge. Sguab e 
leis do mhòrchuanna siorruidheachd uile mhuirichinn teagh - 
laich, uile theaghlaichean fine. Tha'n dealachadh eadar daoine 
fa leth agus eadar theaghlaichean air an call. Leagadh a 
h-uile com harra- tire. Tha na caochla àmanna agus na caoch- 
la siubhal air falbh, air dol fodha, agus bàite aims an aon fhios 
so mu'n iomlan, nach 'eil mairionn de'n bha aon uair beò air 
an talamh, aonan — " Dh'èug Ioseph, agus a bhràithrean uile, 
agus an ginealach sin uile." Dh'fhalbh cuid dhiubh ann am 
maothalas na h-òige, an-fhiosrach mu pheacannan agus mu 
fhulangais na beatha ; dh'fhalbh cuid 's an cinn air liathadh 
's iad 'gan sàrachadh le iomad amhghar. Chaidh cuid a dhith 
le laimh an Ainneirt — cuid le meath nadurra. So fear air a 
bhualadh gu h-obann gu làr — sin fear eile a' fulang gu goirt 
fo anshocair mhàirnealaich chràitich. An treun-fhear 's an 
lasj-fhear — an duin' ardanach 's an diol-dèirce — an righ 's an 
t-iochdaran — co dhiubh bha e 'an soirbheas no 'ga eiridinn 
aig càirdibh, no anh am bochduinn thiamhaidh thruaigh, gun 
charaid aige no bràthairacllmnadh na sùla luainich — dh'fhalbh 
iad gu leir. Bha mile aobhar aig gach mile sluaigh air 



Agus Fhuair e Bàs. ,: 



19 



teacbd gu'n crìcb, agus raÌQÌg iad am binn fa leth air 
ionia seòl gun àireainh. Air a' cbogadb, aig a' pblàigb s aig 
a' crhorta bha an cobhartach fein ma seach. Gbmlain ciont 
air falbb, 'nan aon treud neo-cbonibarraicbte, na seirbbisicb 
a cbuidicb a thaitueacbas a cbur air adhart-na b-oinideau a 
gblacadb 'na gboisnean. Einn Mibbeus cobbartacb de anama 
nnaibb agus de cborpaibh crainnte a lucbd-leaunibuinri. 
'Stric a spiol Teagmbais gu b-ealamb snàitbean na beatb as 
a cbeile. An gratb-fbear a measgacbadb fuil dbaoine le'n 
iobairtibb — an tbr a' tniteam 's a spbacbdadb à lucbd-àiticb fo 
à chudthrom — an teine 'gramacbadb air an tigb-cbònaidb mu 
mbeadhon oidbcbe, no air an luing fad as air a' cbuan, — sgian 
a mbortair — an copau nimbe — treacbladh truagb beatba fbada 
a' cogadb ri uilc an t-saogbail — tbug iad sin uile macb buaidb- 
làracb air an dream pbròiseil sin a ta' riagbladb an t-saogbail 
so 'bbos. Cbaidb uaiob fbosgladb 'an dei^b uaiybe affos a 
iionadb ; cbaidb doine 'n deigb duine air sligbe na b-uile 
fbeòla; cbaidb cuirp ura cbur 'antasgaidb 's an uaigb sbàmh- 
aicb ; cbaidb iir lucbd-bròin feadb nan sràidean. Agus na 
bba de sbluagb còmbla air uacbdar na talmbainn aon uair, 
cba mbaii-eann aonan diubb — db' fbalb iad air fad. B' ioma- 
dacb an leanmbuinnean, an saotbair, an leas, an solas 's iim 
bròn — b' iomadacb an eacbdraidbean caocblaideacb, acb 
foubnaidb an aon bbiim cboitcbeann don iomlan — "DbV'uir 
Iòsepb, agus a bbràitbrean uile, agus an ginealacb sin uile." 

Agus tba nis ginealacb eile a' gluasad 'an àite na db' 
fbalbb ginealacb, ge lionar a tbeagblaicbean, nacb urrainn aon 
neacb a tbaisbeanadb gu bheii co-cbeangal aige ris a' ghineil 
mbairbb a ta e 'saltairt air an luaitbre. Deanaibh-se 'nur n- 
inntiun fein, an tionndadb clis a rinn an t-eacbdraicbe ann ii 
sgeulan deis-leum a tbug e tbar astar bHliadhnachan, ri linn 
an imeacbd nam bretb 's nam bàs siubbal gu socracb a' 
falmbacbadb, acb fos a' sior àiteacbadb na talmbainn agus g'a 



20 Dearbh-Shamhuilt air gach wile ni — 

cumail daonnan làn. Dean de 'n astar sin, mar a rinn esan, 
aon fhàsìach iomlan, glomhas cianail, slochd mòr. Thig- 
eadh a stigh eadar cadal no di-chuimhne cheud bliadhna ; 
agus 'nuair dhùisgeas tu mar à' neul, gu'm b' ann a bhios tu 
a measg mòr-shluaigh cho dian 's cho surdail 's a bha an 
dream a rinn thu f hàgail, ach buidheanna measg nach faic thu 
aghaidh aon chàraid 'ga nochdadh fein do d'shuil. Tha a' 
chùis ionann 's mar bha i roimhe, ach ! an t-atharrachadh 
a thainig oirre. 

Dhearbh thu fèin a chilis air a J bheil sinn a' tighinn ann a'd' 
fhiosrachadh fein, ann an gnothach bu lugha na so. Ann 
an àm brònach na diobairt nach do mliothaich thu do chràdh 
a meudachadh 'nuair a bha am Bàs 'n a'd' chridhe 's 'n ad' 
thigh fein agus a chitheadh tu mu d' thiomchioll sùrdalas 
agus ùpraid an t-saoghail a' dol air an aghaidh ! Och ! cia 
cianail e ceum a mach à seòmar sgàilte a' Bhàis, no a tigh 
aònarach na truaighe, agus seasamh air ball ann an soillse 
dhealraich an latha agus eisdeachd ri stararaich 's gleadhraich 
an t-sluaigh amuigh ? Cia cianail leatsa a ghrian fhaicinn 
a' dealradh mar a b' abhaist dh'i, an talamh uaine fo f hiamh- 
ghaire mar bu ghnà, nàdur uile fo ghàirdeachas eibhinn 
mar a b' abhaist am feadh 'tha 'n t-iomlan dhuitse mar fhàsa- 
lachd ; 's tu fo smàlan an trom bhuille a rinn do leòn, cha cheòl 
leatsa 'san àm ceilearadh nan guth binne mar gu'm b' ann ri 
fochaid air do leir-sgrios ; is cianail measgadh feadh na mòr- 
bhuidhne gun truas dhiot; is leòr a shamhuil so a dh'iompach- 
adh do bhròin gu bàini agus a thoirt ort gràìn a ghabhàil d'an 
bheatha agus d'an t-solus a tha toirt oilbheum mar so do d' 
mhulad. Ann 'bhi smuaineachadh air do shiubhal fein, mar 
an ceudna, nach eil am beach d so agad air, tiamhachd a' 
bhàis, (gu'n eirich feadhain eile suas do nach b' eòl thu) 
'nuair ni thus' eug 's a theid do shineadh 's an uaigh fhois- 
nich ? 's gann gu'n dean do bhàs-sa 'bheag idir de ghràbadh 



" A gas Fhnair e Bàs!' 



21 



a chur air dian-adhartachadh agus dian-chabhaig chuisean an 
t-saoghail, agus cha mheasar do shiubhal-sa ach mar am 
boinne uisge thig as a' mhòr — shruth a ta, 'dh'aindeoin sin, 
a' ruith sios 'na lànachd 's 'na mhòrachd do ghnà. 

Ach, 'an so, 'se ginealach iomlan, 's a theaghlaichean uile 
'chaidh a shlugadh suas ann am farsuingeachd fhial na h- 
uaighe. Ach, faic ! tha 'n talamh fathast air ghluasad le 
saothair agus sùrd air ghnothaichibh mar bh'ann roimhe; 
o-ach uile uallach leis an aon ghreadhnachas, 's leis na mòr- 
chuisean ceudna 'bha ann o shean; uile 'an sàs aig na diomh- 
anais 's aig na faoincisean a chum greim air sluagh an t- 
saoghail, roimhe so ; agus mo chreach ! tha na peacanna 
ceudna a rinn mealladh agus fealladh air uile luchd-àitich 
na talmhainn riamh o thoiseach an t-saoghail, fathast, a' 
tàladh 's a milleadh an t-sluaigh. 

Nach 'eil againn teagasg anns an sgàil a ta adhlacadh ana- 
bharrach so ginealaich iomlain a' tilgeadh thar gach ni dhiubh 
so uile, ann an aon rann aithghearr? Ciod iad air fad- 
aoibhneas agus bròn, cùram, saothair, agus aoibhneas na 
beathaso ach ciod iad 'nuair a dh' fhosglas dorus na sior- 
ruideachd a dh' fhalach o'r sùilibh nam niuillion a chleachd 
iad uile aon uair mar ta sinne nis ? Ciod iad uile nis, leis 
na deòir 's na fàitean, do'm b' aobhar iad, do na muillionaibh 
ud leis am bu bheachd gu'm b' iad o chianaibh a h-uile solas. 
Ciod a bhitheas annta gu leir dhuinne 'nuair a dh' fheumar 
a ràdh mu gach neach againn, mar thubhradh gu h-aith- 
ghearr mu Iòseph, agus a bhraithrean uile, agus mu'n 
ghinealach sin uile. 

Adhlacadh cinnich iomlain! gach aon diubh, an teaghlaich, 
ao'us an slàn mheall beatha so air a mheaso-achadh anus an 
aon uaigh choitchean ! air chinnt is smuain chudthromach 
so. Tha i 'labhairt ri'r mothachadh nàdurra. Ach nach eil i 
fòs a' ruigsinn gu ar mothachadh spioradail ? Cha 'n eil aiòr- 



22 



Dearbh-Shamhuilt air gach uile ni — 



earbsa r'a chur ann am mothachadh nàdurra. Is furasda 
gluasad a chur fodha, 's tha e cho furasd a chiùineachadh. 
'S iad garg-ghluasaid di-mhothachaidh fhaoin na criochan 
eadar a bheil e a' siùdan 's ag udalan. Is buaidh fhaoin 
neo-airidh uachdranachd 'fhaotainn air a cho-fhulangas, 
car tiotain. Air an lainxh eile, gheibh Creideamh cùis smuain- 
eachaidh a's 'truirne 's a's mairsinniche 'an so. 'S e'm Bàs 
an t-ard-roinneadair. Dealaichidh e teaghlaich agus gear- 
raidh e càirdean o cheile, a' bristeadh nan ceangal a's tinne, 
agus is ceann-aobhair e air na co-bhanna a's dlù — cheangailte 
ri cheile a thuiteam sios 'nam bruan. A' teachd, mar tha e air 
a chinne-dhaonna aon air an aon, a' sonrachadh gach neach fa 
leth, an dèigh a cheile — tha e, mar gu'm b'ann, a' tarruing a 
mhàin gach monaidh's gach beinne chum a' ghràinnean d'an 
deach air thus an deanamh suas, a' gabhail cùnntais fa leth 
dhiubh ma thàinig e stigh d'a chraos neoshàsta. Ach 's e'm 
Bàs, mu dheireadh thall, mar an cèudna, an t-aonadair mòr. 
Ged ni e daoine a dhealachadh bheir e rithist cuideachd iad 
mu dheireadh. Dh' fhosgail an cladh a ghiallan a chur 
dealachaidh eadar bhràithrean agus chairdean ach gu goirrid 
fosglaidh e iad aris a mheasgachadh an luaithre dhaimheil 's 
an aon duslach choitcheann. 

Ach am bheil an aonachd a ni am Bàs cinnteach, taileil, 
agus maireannach ? 

" Dh'èug Ioseph," agus a bhràithrean uile, agus an ginea- 
lach sin uile. Thainig am Bàs orr' uile, chionn gu'n do 
pheacaich iad uile — 'Se crannchur nan uile so — so an each- 
draidh choitcheann — dearbh-shamhuilt air a h-uile ni. 

Aorus tha crannchur coitcheann eile ann — eachdraidh chu- 
mant eile dearbh-shamhuilt eile air gach ni ; " agus 'an deigh 
a' Bhàis tha am Breitheanas." Eirigh Iòseph aris, agus a 
bràithrean uile, agus an ginealach sin uile. Agus seasaidh 
iad uile 'am fianuis na cathrach-breitheanais. Tha aonachadh 



" Agus Fhuair e Bàs" 



23 



'an sin. Tha am beag 's am mòr 'an sin, an t-oglach agus a 
mhaighstir — tha na h-uile 'n sin còmhla. Ach c'ar son sin ? 
Agus cia fad a bhitheas ? " Theid na h-aingidh gu peanas - 
siorruidh ; ach theid na fireana gu beatha mhaireannaich." 

Nach cudthromach an t-eadar dhealachadh a th' againn 'an 
so? Co-aonaidh am Bàs sinn 'an deigh àr sgaradh; co- 
aonaidh am Breitheanas sinn a chum ar sgàrachduinn a ris. 
Ann a bhi criòchnachadh imeachd na beatha so sgaòilidh am 
Bàs a bhrat-sgàile mòr thar an t-saoghail uile agus thar a 
luchd-àitich. Fosglaidh am Breitheanas imeachd na sior- 
ruidheachd agus fpillsichidh e gach sealladh agus an sluagh 
uile ni 's tur iomlaine na chunncas iad 'an so. Eugaidh sinn 
uile ; bheirear breth oirnn uile ; thig an dà char sin oirnn 
uile maraon. Agus tha 'n dà ni sin àm fagus ; chionn tha 
'n aimsir goirid tha 'n Tighearn aig làimh. 

Ach roimh 'n Bhàs agus roimh 'n t-siorruidheachd tha an 
soisgeul a ta nis 'g a shearmonachadh gu saor, do gach uile. 
Agus cluinnear guth ag ràdh — " Feuch tha mi'm sheasamh 
aig an dorus, agus a' bualadh ; ma dh' fhosglas neach sam 
bith dhonih, thig mi stigh d'a ionnsuidh, agus gabhaidh mi 
mo shuipeir leis, agus esan leamsa." Toisicheadh a' chuirm- 
ghràidh so ann an cridhe'n deigh cridhe, mar bhàsaicheas 
do'n pheacadh, peacach an lorg peacaich ann an Criosd, agus 
a-bheothaichear iad do Chriosd ann an Dia. Agus 'nuair 
dhealaichear o cheile aon a's aon fa leth, agus teaghlaich 's agus 
ginealaich, chum 'bhi air an aonadh ri cheile, aris air an 
sgaradh leis a' Bhàs, air an aonadh 's a' bhreitheanas, chum 
a bhi air an dealachadh fa dheòidh re na siorruidheachd, 
gu'm b'e ar sochair ne coinneachadh aig suipeir — phòsaidh an 
'Uain far nach eil dealachadh tuillidh gu bràth.